pixel
Sgrìobhaichean air Sgrìobhadh-logo

Sgrìobhaichean air Sgrìobhadh

0 Favorites

More Information

Location:

United Kingdom

Genres:

Art

Networks:

BBC

Description:

Rugadh Dòmhnall Macamhlaigh am Beàrnaraigh, Leodhais ann a 1903. Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha. Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dàin aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhàrdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr. Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhàrdachd Ghàidhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gàidhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bàird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gàidhlig, e fhèin nam measg. Chaidh cruinneachadh eile den bhàrdachd aig, Deilbh is Faileasan, fhoillseachadh ann an 2008. Anns a' phrògram seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2001, tha Aonghas MacNeacail a' bruidhinn ri Dòmhnall mu bhàrdachd agus na tha a' toirt buaidh air. Chaochail Dòmhnall air an 28mh den Ghearran 2017.

Language:

English


This show will be available later. Please come back then.