Teipichean Phàdraig - Ailean MacIllEathain-logo

Teipichean Phàdraig - Ailean MacIllEathain

0 Favorites

More Information

Location:

United Kingdom

Networks:

BBC

Description:

Chuala sinn an t-seachdain a chaidh an earrann mu dheireadh de Sgeulachd Beatha Alasdair MhicIllEathain mu òige ann a Siabost agus am Brù. B' e an seinneadair Ailean MacIlleathain bràthair-athair Alasdair agus b' e Dòmhnall Dòmhnallach, ris a robh Alasdair gu math ceangailt', mac le piuthar Ailein agus athair Alasdair, Coinneach. Bho chlàr Alasdair Sgeulachd Beatha còmhla ri Catriona Mhoireach, chaochail Dòmhnall. Mar chuimhneachan air Dòmhnall agus an tuilleadh de sgeulachd an teaghlach MhichIlleathain fhaighinn, tha cothrom eile againn èisteachd ri Teipichean Phàdraig air Ailean MacIllEathain, far an tug Pàdraig Greumach, nach maireann, sgrìob tro na teipichean a chlàr e fhèin de dh'òrain, ceòl agus seinneadairean Eilean Leòdhais. Chlàr Pàdraig Ailean na dhachaigh an Grianaig bho chionn còrr math air leth-cheud bliadhna na dhachaigh an Grianaig. Airson a' phrògram chuir sinn clàraidhean Phàdraig agus eòlas Dhòmhnall Dhòmhnallaich air bràthair a mhàthair còmhla airson dealbh nas slàine a thoirt air beatha agus òrain Ailein.

Language:

English


This show will be available later. Please come back then.